notícias musicais

top 13 artistas

top 13 musicas

Confira a Letra Neamhnaid Gheal Dochais

Mairi MacInnes

Neamhnaid Gheal Dochais

'S mor an leasan seo a thuigisinn
Gur e dòchas neamhnaid gheal gun phrìs
An uair a thig na gaòthan fuara
A bhriseadh bhalla-diòn ar sìth

Chan eagal duinn' nuair chithear boillsgeadh
De sgòthan dubh' aig oir ar fianais
A togail cùrs' a steach dhar n-ionnsaigh
Le tuil ro-throm an cridh' a' liònadh

Soraidh slàn ri saoghal dorcha
Agus fàilte mhór gu dachaigh ùr
Steach gu tearmann shàbhailt àlainn
A thogar suas na mheadhon gaoil

Fiù 's a staigh am broinn an fhàsgaidh
Tha obair nuadh an seo ri dheanamh
A' cumail glan gach seòmar sàmhach
Bho thruailleadh inntinn fuairmean criònaidh

'S mor am feum a staigh nar n-àigne
Bhith glanadh plaide throm eu-dòchais
A sgùradh as gach uile shalchar
Le dàin bho'n cridhe laoidhean sòlais

'S tiòdhlac thalaideach gun phrìs e
Tha feathamh oirnn mar ni ar spàirn
Duil a dhireas faid na stàidhre
Gar toirt gu tioram gu ar dàn

Soraidh slàn ri saoghal dorcha
Agus fàilte mhór gu dachaigh ùr
Steach gu tearmann shàbhailt àlainn
A thogar suas na mheadhon gaoil

Soraidh slàn ri saoghal dorcha
Agus fàilte mhór gu dachaigh ùr
Steach gu tearmann shàbhailt àlainn
A thogar suas na mheadhon gaoil

Discografia Tracker