notícias musicais

top 13 artistas

top 13 musicas

Confira a Letra O Mo Dhúthaich

Alyth McCormack

O Mo Dhúthaich

O mo dhùthaich 's tu th'air m'aire
Uibhist chubhraidh ùr nan gallan
Far a faigh-te na daoin-uaisle
Far'm bu dual do mhac ic Ailein

Tìr a' mhurain, tìran eòrna
Tìr 's am pailt a ch-uile seorsa
Far am bi na gillean òga
Gabhail òran 's gol an leanna

Thig iad thugainn carach, seòlta
Gus ar mealladh far ar n-eòlais
Molaidh iad dhuinn Manitoba
Dùthaich fhuar gun ghual, gun mhòine

Cha luig mi leas a bhith 'ga innse
Nuair a ruigear 's ann a chithear
Samhradh goirid, foghar sìtheil
Geamhradh fada na droch-shìde

Nam biodh agam fhin de stòras
Dà dheis aodaich, paidhear bhrògan
Agus m' fharadh bhith 'nam phòca
'S ann air Uibhist dhèanainn seòladh

O mo dhùthaich 's tu th'air m'aire
Uibhist chubhraidh ùr nan gallan
Far a faigh-te na daoin-uaisle
Far'm bu dual do mhac ic Ailein

Tracker